Tha Ruairidh MacIlleathain a’ toirt sùil air eileanan Albannach taobh a-muigh Loch Laomainn a tha ainmichte mar ‘Innis’.
Tha Ruairidh MacIlleathain a’ toirt sùil air eileanan Albannach taobh a-muigh Loch Laomainn a tha ainmichte mar ‘Innis’.
Read in English / Leugh ann am Beurla
Ann am bloga eile mu eileanan Loch Laomainn a’ tha a’ giùlan na h-eileamaid ‘innis’ nan cuid ainmean, gheall mi gun toirinn sùil air an eileamaid seo ann an àiteachan eile. Leis gur e seo am bloga mu dheireadh agam (agus taing mhòr don a h-uile duine a thug taic dhomh thairis air na bliadhnaichean), shaoil mi gun robh e cudromach mo ghealltanas a choileanadh.
ʼS e seann fhacal airson ‘eilean’ a th’ ann an innis, ged a thathar ga thomhas mar àrsaidh anns an t-seadh sin an-diugh. Ma tha e a’ buntainn ri tìr a th’ air a chuairteachadh le uisge no sàl, chithear e mar as trice an-diugh ann an ainmean-àite. Ann an Gàidhlig an latha an-diugh, tha e a’ ciallachadh na leanas: dàil ri taobh abhainn no loch; àite fosgailte a th’ air a chuairteachadh le coille; pìos fearann math air a’ chuairteachadh le boglach no talamh nach gabh àiteach; agus pàirc far am bi crodh air a chumail, gu h-àraidh airson am bleoghann.
Nuair a chaill an sluagh tuigse dhen t-seann chiall aig innis (a nochdas ann an dreach na Beurla mar insh no inch) mar ‘eilean’, uaireannan bhiodh ainmean-àite car ath-bhriathrach a’ nochdadh. ʼS e eisimpleir dhiubh Insh Island far cladach an iar Eilean Shaoil ann an Earra-Ghàidheal. Agus tha ainm car coltach – Eilean Inshaig – faisg air Àird Feàrna, cuideachd ann an Earra-Ghàidheal.
Leis gun tug mi sùil air innsean Loch Laomainn roimhe, math dh’fhaodte gum bi e iomchaidh sùil a thoirt air loch-uisge ainmeil eile – Loch Obha ann an Earra-Ghàidheal, an treas loch-uisge as motha ann an Alba. Aig ceann a tuath an locha, tha Innis Chonain (Inishchounan air mapa Roy a rinneadh ann am meadhan an ochdamh linn deug). Mhìnich an t-Suirbhidh Òrdanais e mar gun robh an t-eilean ainmichte air fear, air an robh Conan mar ainm, a bha uaireigin a’ fuireach ann. Math dh’fhaodte gur e fear de na Fianna a bh’ ann. Cha bhiodh sin ro iongantach oir tha beul-aithris a’ ceangal Fraoch Eilean, faisg air làimh, ri sgeul a’ ghaisgich, Fraoch, a tha a’ marbhadh uilebheist (no dràgon no nathair mhòr) ann, ach a chailleas a bheatha fhèin anns a’ chòmhstri.
Innis Chonain ann an Loch Obha, a thathar a’ ceangal ri curaidh ann an linn nan gaisgeach. Dealbh le cead Leabharlann Nàiseanta na h-AlbaʼS e Inishail eilean eile aig ceann a tuath Loch Obha, air a bheil tobhta seann eaglaise agus taigh-chailleach. Tha cuid a’ cumail a-mach gur e Innis Phòil a th’ air ann an Gàidhlig, ag ainmeachadh Pòl an Sporain, fear a stèidhich cinneadh Mhic Cailein, agus a th’ air a thiodhlacadh anns an eilean, a rèir beul-aithris. Ach tha stòiridh eile ag innse dhuinn gun tàinig an t-ainm bho Aillidh, nighean Rìgh na Danmhairg, a tha cuideachd fon fhòid anns an eilean.
Faisg air an eilean sin, air taobh thall an locha, tha Inistrynich, rubha a bh’ air a shealltainn mar eilean coillteach, air an robh ‘Inshdrenich’, air mapa-airm Roy ann am meadhan an ochdamh linn deug. Tha an t-Suirbhidh Òrdanais ag aideachadh ann an Leabhar nan Ainmean ceud bliadhna an dèidh sin gum biodh an rubha na eilean anns a’ gheamhradh nuair a ruigeadh an loch àirde. ʼS e a’ Ghàidhlig thùsail Innis Droighnich, ag innse dhuinn gun robh an droigheann dubh no preas nan àirneag a’ fàs ann.
A’ gluasad a dh’ionnsaigh ceann a deas Loch Obha, tha sinn a’ ruigsinn Innis Chonaill/Innis Chonnell mu choinneamh baile air a bheil Dail Abhaich (Dalavich ann am Beurla). ʼS ann leis na Caimbeulaich a bha an caisteal anns an eilean, agus e a-nise na thobhta. Math dh’fhaodte gu bheil an t-ainm a’ tighinn bho Ardchonnel/Àird Chonaill, faisg air làimh air tìr-mòr. Bha Uilleam MacBhàtair dhen bheachd (ann am Faclair Dwelly) gun robh e a’ tighinn bho Àird na Coingheill. Tha dùil gu bheil sin a’ ciallachadh ‘promontory of the whirlpool’ ach tha e doirbh fhaicinn far am biodh feart-uisge dhen t-seòrsa sin far a bheil an àird agus an t-eilean.
Tha sin gar toirt gu ainm-àite air leth inntinneach – Innis Errich, eilean air a bheil seann seipeal agus cladh. Bha MacBhàtair dhen bheachd gum b’ e sin Innis Searraich ‘eilean each òg’. Ge-tà, tha an t-Suirbhidh Òrdanais a’ dol an aghaidh sin, ag ràdh gur e a’ Ghàidhlig thusail Innis Sèa-ràmhach ‘island of the six-oared galley’. Nach eil sin a’ togail ìomhaigh air leth ann an inntinn a’ Ghàidheil?! Tha an dìleab sin beò fhathast ann am feart-tìre eile faisg air làimh air bruaich an locha – Sròn Sèa-ràmhach. Chithear dualchas nam bàtaichean cuideachd anns an eilean ‘innseach’ as fhaide deas ann an Loch Obha – Innis Stiùire.
A bharrachd air na h-eileanan ‘innseach’ ann an Loch Obha, tha mu dhusan eile anns an loch mhòr sin air a bheil ‘eilean’ mar ainm. Agus, nuair a bheirear sùil air na h-uibhir lochan agus eileanan a th’ againn ann an Alba, ʼs e glè bheag taobh a-muigh Loch Laomainn agus Loch Obha a th’ air an ainmean ‘innis’ a ghlèidheadh chun an latha an-diugh. ʼS iad eisimpleirean aig muir, seach ann an lochan uisge, Innis Choinnich (Inch Kenneth, ‘eilean Naoimh Choinnich’), far taobh an iar Mhuile, An Innis, meanbh-eilean ri taobh Eilean nan Ròn ann an Dùthaich MhicAoidh, agus An Innis Mhòr – eilean gainmhich aig ceann a deas beul Linne Dhòrnaich air taobh an ear na Gàidhealtachd.
Tha an Innis Mhòr am measg oitirean faisg air Baile Dhubhthaich aig beul Linne Dhòrnaich. Dealbh le cead Leabharlann Nàiseanta na h-AlbaBu chòir iomradh a dhèanamh air loch uisge car ainmeil air a’ Ghàidhealtachd, agus ainm a’ tighinn à innis. ʼS e sin Loch Insh ann am Bàideanach a tha, a rèir cuid, a’ faighinn ainm on eilean aig a’ cheann a tuath dheth. Canar Loch Ìnnse ris ann an Gàidhlig. Ach an e an t-eilean a tha ‘innis’ a’ ciallachadh? Tha am mapa de dh’Alba aig Aaron Arrowsmith, a chaidh fhoillseachadh ann an 1807, a’ toirt dhuinn smuain eile oir tha e a’ sealltainn gur e ‘Inch’ a th’ air a’ cheàrnaidh rudeigin bog is fliuch air taobh sear an locha; tha fhios gur e sin An Innis ‘the water meadow’.
Tha gu leòr air an t-ainm Loch Inch (Loch Ìnnse) ann am Bàideanach a mhìneachadh mar ‘loch [an] eilein’ ach tha mapa Arrowsmith (1807) a’ cur ‘Inch’ air an dail gu sear air an loch (ri taobh an eilein). Math dh’fhaodte gur e ‘loch of Inch’ an t-eadar-theangachadh dòigheil air ainm an eilein, seach ‘island loch’. Air mapaichean na SO, ʼs e ainm an eilein fhèin ‘An Tom Dubh’. Dealbh le cead Leabharlann Nàiseanta na h-AlbaTha ainmean cudromach ann an innis air a dhol bàs o chionn fhada. Mar eisimpleir, ʼs e Innse Orc ‘eileanan nam mucan-mara’ a bh’ aig ar sinnsearan air Arcaibh, agus thathar a’ smaoineachadh gum b’ e Innse Cat ‘eileanan nan cat’ a bh’ air Sealtainn. Bha an cat-fiadhaich suaicheanta don t-sluagh a bha a’ fuireach eadar Cataibh agus Sealtainn, agus tha ainm an ainmhidh air a ghlèidheadh ann an ‘Cataibh’ agus ‘Caithness’.
Chan ann lìonmhor a tha eileanan mara air taobh an ear na h-Alba ach tha buidheann dhiubh ann an Linne Fhoirthe air a bheil ainmean air leth inntinneach – le innis seach ‘eilean’. Tha dùil gur e ainmean Gàidhlig a th’ annta, ged a bha facal car coltach ann an Seann Bhreatannais (le ynys mar fhacal airson ‘eilean’ ann an Cuimris san latha an-diugh). Mas ann bhon Ghàidhlig a dh’èirich iad, bha iad air an cruthachadh o chionn nan ceudan mòra nuair a bha Gàidhlig air a bruidhinn ann an ceann an earra-dheas na h-Alba, agus nuair a bha innis aig daoine seach ‘eilean’, a thàinig a-steach don Ghàidhlig bhon t-Seann Lochlannais.
Tha Inchgarvie suidhichte ri taobh meadhan Drochaid-rèile Fhoirthe agus tha togalaichean ann a chithear bhon trèana; bha iad uaireigin air an cur gu feum mar phrìosan. Thathar a’ dèanamh dheth gum b’ e an t-ainm tùsail air an eilean Innis Gharbhaidh, a’ ciallachadh ‘eilean le garbhlach’ no math dh’fhaodte ‘eilean Gharbhaich’, ged nach eil aithne againn air an duine sin. Chaidh beachd a chur air adhart gun tàinig am facal Albais garvie, a chaidh a-steach don Ghàidhlig mar garbhag (iasg beag coltach ri sgadan), bho ainm an eilein.
A’ gluasad le Linne Fhoirthe a dh’ionnsaigh a’ Chuain a Tuath, tha sinn a’ tighinn gu Inchcolm, eilean beag faisg air cladach Fìobha. ʼS e seo Innis Choluim ‘eilean Chaluim Chille’, àite le eachdraidh mhòr eaglaiseil agus air a bheil ‘Abaid Innis Choluim’ a chaidh a bhonntachadh anns an dàrna linn deug. Don earra-dheas tha Inchmickery, eilean le ainm a tha rudeigin eaglaiseil cuideachd. ʼS e sin Innis nam Biocar ‘the isle of the vicars’; tha beachd ann gun robh na manaich ris an canadh iad ‘cèilean-Dè’ stèidhichte anns an eilean anns na meadhan-aoisean. Tha dùn airm anns an eilean a chaidh a thogail ann an cogaidhean an fhicheadamh linn ach an-diugh tha an t-àite cudromach mar thèarmann do dh’eòin-mhara.
Trì de na ceithir eileanan ‘innseach’ ann an Linne Fhoirthe – Inchcolm (Innis Choluim ‘eilean Chaluim Chille’), Inchmickery (Innis nam Biocar ‘island of the vicars’) agus Inchkeith (Innis Cheith ‘eilean coille’). ʼS e an ceathramh eilean Inchgarvie (Innis Gharbhaidh ‘eilean a’ gharbhlaich?’), ri taobh Drochaid-rèile Fhoirthe. Dealbh le cead Leabharlann Nàiseanta na h-AlbaThug ar turas sinn bho shiar gu sear, thairis air Alba, agus cuiridh sinn crìoch air aig beul Linne Fhoirthe – air Inchkeith, eilean rudeigin cuantach a sheasas leis fhèin. Thathar a’ smaoineachadh gur ann à Innis Cheith no Innis Chè a thàinig an t-ainm, a’ ciallachadh ‘eilean coille’, leis an dàrna eileamaid a’ buntainn bho thùs don t-Seann Bhreatannais (agus i cuideachd air a lorg anns an ainm Ghàidhlig Inbhir Chèitinn, Inverkeithing) air tìr-mòr Fìobha.
Bha am bloga seo air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain, a tha na sgrìobhadair, craoladair is eòlaiche-nàdair, stèidhichte ann an Inbhir Nis.
| # | Наименование новости | Тональность | Информативность | Дата публикации |
|---|---|---|---|---|
| 1 | A bheil sibh eòlach air na ‘Rothaich’? | 0 | 7.16 | 23-02-2026 |
| 2 | A’ Bhàirneach Ghreimeachaidh | 0 | 8.71 | 25-06-2024 |
| 3 | The ‘Innis’ Islands Beyond Loch Lomond | 0 | 5.38 | 31-03-2026 |
| 4 | Tìdeachan, tursan agus na Tiristich | 0 | 15.73 | 31-07-2026 |
| 5 | The Tay Landscape Partnership | 0 | 11.88 | 11-08-2014 |
| 6 | “Молхонанинг тепасида яшашга мажбурмиз” | 0 | 10 | 11-12-2021 |
| 7 | Ныр | 0 | 10 | 29-08-2026 |
| 8 | Enniskillen Castle Museum, County Fermanagh: A Visitor’s Guide | 0 | 7.69 | 14-08-2026 |
| 9 | Maite Inda Herri Lasterketa | 0 | 0 | 21-09-2017 |
| 10 | Nafarroa Oinez Tantirumairuko ikasleak | 0 | 0 | 11-10-2017 |